Want to read more? We value our content and our journalists, so to get full access to all your local news updated 7-days-a-week – PLUS an e-edition of the Oban Times – subscribe today for as little as 56 pence per week. Subscribe Now Nuair bhios an deoch a-staigh bidh a’ chiall a-mach! Ged a tha mise cho measail air drama ri neach sam bith, feumaidh mi a ràdh cuideachd gur fhada bho dh’fhiosraich mi agus is tric a chunnaic mi fìrinn an t-seanfhacail ud! Cluinnear tric bho fheadhainn a tha an sàs ann an gnìomhachas na dibhe nach bi ach beagan ri mì-mhodh agus eucoir fo bhuaidh dheoch- làidir. Ach saoilidh mi gum bheil fianais gu leòr againn gum bheil an cron a tha am ‘beagan’ sin a’ dèanamh agus an cunnart dham bheil iad a’ cur a’ mhòr-shluaigh na adhbhar gu leòr airson laghan smachdachaidh a bhith ann. Chaidh casg a chur air deoch-làidir aig lannan- cluiche agus pàircean bhall-coise trithead is còig bliadhna air ais an dèidh ùpraid mhaslach eadar luchd-taice Rangers agus Celtic an dèidh gèam deireannach Chupa na h-Alba ann an 1980. Gun dearbhadh gum bheil modh luchd-taice air atharrachadh gu ìre mhòr sam bith tha e doirbh a thuigsinn carson a bhiodh cuid de phàrtaidhean poilitigeach agus Comann Ball-coise na h-Alba a-nise deònach beachdachadh air cur às dhan a’ chasg seo. Gun teagamh cha bhiodh ceadaichte ach deoch a ghabhadh ceannach ann an soithichean plastaig aig na pàircean fhèin ach bidh an aon bhuaidh aig an deoch ‘s… [Read full story]
Leave a Reply